AM A’ BHRUADAIR

Posted by in Poems on Aug 11, 2013

Nuair bha mi ann an àm a’bhruadair

bha an t-seabhag air a’gheug àrd;

 

bha mo chridhe cho làn de ghaol

ri madainn làn de òran nan eun.

 

Bha am bradan glic a’snàmh

anns an lochan domhain.

 

Cha robh ainm orm:

‘se cànan na camhanaiche a bha agam.

 

Labhair na siantan, is bha mi gan tuigsinn;

leugh mi na reultan, is bha sin furasda.

 

Choisich mi ann an solas na grèine gun nàire.

 

Sheinn mi anns an driùchd deàrrsanta

Is cha robh mo chlarsach diòmhain.

 

 

 

 

 

DREAMTIME

 

When I was in the dreamtime, the hawk

was on the high branch. My heart

 

Was as full of love as a morning

full of birdsong. The wise salmon swam

 

in the deep pool. I was nameless: I spoke

the dawn tongue. The elements spoke

 

and I heard. I read the stars with ease:

I walked in the sunlight with no shame.

 

I sang in the bright dew,

and my harp was not idle.